Vacancy Search

Search Jobs  

Gaelic Production Apprentice Scheme 2020

Job Introduction

An e gu bheil sibh air leth math air rian a chumail air gnothaichean agus deònach sgilean mar sin a chur an gnìomh mar thaic do phrògraman is eile aig a’ BhBC?

AIR NEO

An e gu bheil sibh làn bheachdan a ghabhas a chleachdadh ann an TBh no rèidio no air-loidhne?

Ma fhreagras sibh, “’S e” gu dearbh, bu toil leinn cluinntinn bhuaibh!

Dh’fhaodadh gur e Sgeama na Preantasachd Gàidhlig a’ chiad cheum a ghabhas sibh mu choinneamh obair anns na meadhanan.

Ri linn an sgeama seo bithidh sibh a’ gabhail pàirt an dà chuid ann an obair agus oideachas, a thuilleadh air ruigsinn Ìre 3 ann an Creative and Digital Media bho ionad foghlaim faisg air làimh.

 

Role Responsibility

Ma shoirbhicheas leibh, bithidh sibh ag obair mar bhall de ghrunn sgiobaidhean air TBh, air rèidio agus air loidhne, agus bithidh sibh a’ cur eòlas air deasachadh agus rianachd , gun luaidh air mòran ùine am measg nan sgiobaidhean Gàidhlig. Bithidh cothrom agaibh cuairt a ghabhail mu roinnean mar:

BBC Studios Factual riochdachadh phrògraman air TBh (nam measg Saidheans, Ealain agus Aithrisean)

BBC Sport a bhios a’ libhrigeadh leithid Sportscene, Off The Ball agus Sportsound, a thuilleadh air naidheachdan air TBh, rèidio, seirbhisean air loidhne agus na meadhanan sòisealta. 

Music, Entertainment and Events  - Dh’fhaodadh sibh a bhith an lùib obrach le sgioba ciùil air rèidio air prògraman mar na Quay sessions no Celtic Connections a thuilleadh air leithid Breaking the News.

- Multiplatform development – Seo cridhe a’ chruthachais do BBC Scotland TV, don tairgse dhidseataich agus do phrògraman èisteachd.

Childrens – Farsaingeachd de phrògraman chloinne, mar ‘The Dog ate my homework’ anns am bith grunn ghnìomhan ann an oifis is ann an stiùideo.

Digital – Cruthaichidh sinn suspaint didseatach mar Bitesize, a bheir seachad taic do dh’fhoghlam, The Social agus BBC Arts Online.

News and Current Affairs – naidheachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta air rèidio, air TBh agus air loidhne do dh’Albannaich agus càch anns an Rìoghachd Aonaichte

- Roinn na Gàidhlig – A’ cruthachadh diofar phrògraman airson na seirbhisean BBC ALBA agus dhan luchd-èisteachd air BBC Radio nan Gàidheal.  

Nuair a bhios sibh ag obair cuide ri sgioba riochdachaidh, bheir sibh cobhair seachad gus stiùireadh an riochdachaidh a chumail air dòigh, agus dh’fhaodach gun gabhadh sibh os làimh gnothaichean mar chlàran-ùine agus bòiseidean, aithrisean sgrìobhte rè agus an dèidh an riochdachaidh, cuairtean a chur air dòigh agus cuid na h-oidhche fhaighinn..

Chan iongnadh ged a thogadh sibh sgilean anns na sgiobaidhean deasachaidh a bhios gu sònraichte titheach air suspaint a chruthachadh. Dh’fhaodadh gum bi sibh nur neach-ruithe ann an oifis, ann an stiùideo air neo a-muigh. ’S iongantach mura bi cothroman rannsachadh a ghabhail os làimh cuideachd do sgeulachdan, àiteachan, luchd-bruidhne agus uidheamachd, gun luaidh air camarathan is acfhainn a ghiùlan, sgrìobhaidhean a sgaoileadh agus feadhainn an làthair a choimhead ach am bi iad cofhurtail is sàbhailte..

An dèidh preatasachd a chrìochnachadh, dh’fhaodadh sibh obraichean mar seo a shireadh:

  • Neach-ruithe
  • Cuidiche Susbaint
  • Rannsaiche (aig toiseach tòiseachdainn)
  • Taic Riochdachaidh

Are you the right candidate?

Ma bhios sibh dhen bheachd gum faodadh an sgeama seo a bhith freagarrach dhuibh, seo na bhios sinn a’ sireadh …

Gu deimhinne, bithidh sibh:

  • Air leth deidheil air susbaint air TBh, air rèidio no air loidhne, agus air bhioran gus ionnsachadh mun riochdachadh o bhun gu bàrr
  • Titheach air obair cuide ri feadhainn eile agus math ann an sgioba
  • Gu sònraichte rianail agus comasach air sin a dhearbhadh air a’ chlàr-tagraidh
  • Loma-làn smuaintean cruthachail agus cha bhi dùbhlan ann an spiorad sin a dhearbhadh anns an tagradh
  • A’ gabhail ùidh anns na bhios BBC Scotland a’ cruthachadh, agus gu seachd àraidh Roinn na Gàidhlig
  • Comasach air an ùine agaibh a roinn eadar na tacain obrach, foghlam aig colaiste agus oideachas eile
  • A’ seachnadh seo a ghabhail os làimh mar bhliadhna de dh’fhois
  • Comasach air Gàidhig a bhruidhinn agus a sgrìobhadh gu foirfe
  • De dh’aois 18 bliadhna no seachad oirre nuair a thòisicheas an sgeama anns an t-Sultain 2020

Tha an sgeama seo freagarrach don fheadhainn gun cheum. Mas e gu bheil ceum no teisteanas coltach ri sin ann an obair nam meadhanan no ann an riochdachadh, chan eil coltas gum bitheadh e freagarrach dhuibh, seach gum bitheadh sibh air deagh chuid de na cuspairean ionnsachadh cheana. Shaoileamaid gum b’ fheàrr dhuibh obraichean eile ann an Alba iarraidh mar thoiseach tòiseachdainn.

Nam b’ e gun robh obair agaibh anns na meadhanan no leis a’ BhBC mar-thà, bu chòir dhuibh obair eile a lorg a bhios freagarrach don eòlas agaibh.

Chan iarr sinn CV aig an ìre seo, ach mas e gun tèid sibh air adhart gu ruige tomhas air bhideo, bu chòir dhuibh a bhith deis an leithid a chur air loidhne dhuinn.

Sanas-obrach Gàidhlig: Anns a’ chlàr-thagraidh, freagraibh ceistean ann an cànan na ceiste.

An Tairgse againn

  • 5 seachdainean de shaor-làithean pearsanta gach bliadhna agus latha a bharrachd mu àm na Nollaige ( “Corporation Day”).
  • Tuarastal na bliadhna de £14,250.
  • Teisteanas aig SCQF Ìre 7 ann an Creative and Digital Media mar thoradh air foghlam o cholaiste a chuireas sinn air dòigh dhuibh.
  • Iomadh buannachd air luchd-obrach a’ BhBC a ghabhas a chleachdadh ann am bùithtean agus air loidhne.
  • Manaidsear an Sgeama a bhitheas a’ dearbhadh gum bi leasachadh agaibh cho fad ’s a bhitheas sibh anns an sgeama.
  • Bithidh feadhainn a bhios ag obair anns a’ ghnìomhachas ri làimh gus stiùireadh agus comhairle a thoirt seachad.
  • Bithidh neach a bha ann romhaibh ceangailte ribh ach am faigh sibh freagairtean do cheist sam bith eile.
  • Cothroman pàirt a ghabhail ann an tachartais air leth aig BBC Scotland leithid Hogmanay Live agus Clann an Èis.

Package Description

Tuarastal an toiseach £14,250 anns a’ bhliadhna, ga roinn gach mìos.

Anns an fharsaingeachd, bithidh Sgeama Preantasachd Riochdachaidh a’ tairgsinn obair ann an Glaschu, Caerdydd, Salford, Lunnainn agus Bristol. 

Ma bhruthas sibh an ceangal, cha bhi ach an tagradh do Ghlaschu (Gàidhlig) a’ nochdadh. Mas e gum b’ fheàrr leibh falbh gu Sasainn no don Chuimrigh, bu chòir dhuibh sealltainn air Careers Hub far am bi clàr iomchaidh ann ri lìonadh.

Mas e gu bu toil leibh tagradh a thoirt don Scotland Production Apprentice Scheme, bu chòir dhuibh sealltainn air Careers Hub far am bi clàr iomchaidh ann ri lìonadh.

Is e gum bi 25 saor-làithean pearsanta aig luchd-obrach a’ BhBC gach bliadhna agus tha cothrom ann làithean a cheannaich air neo a reic dhur rèir. A thuilleadh air saor-làithean nàiseanta nam bancaichean, gheibhear aon latha a bharrachd mu àm na Nollaige..

Tagradh:

  • Tagradh ann an Sgrìobhadh – Lìonaidh sibh clàr-tagraidh ach an tuig sinn an ùidh agaibh anns a’ BhBC agus ann an Sgeama na Preantasachd Gàidhlig . Cuimhnichibh gum bu chòir a h-uile sgil is tàlant a th’ agaibh a bheanas ris an obair a chur an cèill, ach am bi an taisbeanadh agaibhse a bheireadh rudeigin ùr don BhBC nochdmhor. Chan fheumadh iad sin a bhith ceangailte ri obair: dh’fhaodadh iad a bhith stèidhichte ann an cur-seachad no gnìomh eile a bhios sibh ris gu saor-thoileach.
  • Measadh air Bhideo – Ma thig sibh seachad air a’ chiad ìre bithear ag iarraidh oirbh seo a choileanadh. Bithidh am fios air fad a bhios a dhìth ga chur thugaibh tro phost-d agus bithidh mu sheachdain agaibh gus seo a chrìochnachadh.
  • Ionad-Measaidh - Glaschu. Ma thig sibh seachad air an ìre ud, thèid cuireadh a chur thugaibh gu ionad-measaidh, coinneamh a thachras anns an Ògmhios. Gheibh sibh brath bhuainn seachdain ron àm (mura faigh nas fhaide roimhe) a dh’innseas an deachaidh leibh gus nach deachaidh. Nì sinn ar dìcheall ach an leig sinn fios seachad, ach thoiribh an aire! Dh’fhaodadh e bhith nach fhaigh sibh brath gus deireadh a’ Chèitein.

About the BBC

Ath-chruthachadh a’ BhBC don ath ghinealach

Chan e dìreach an gnothach an-dràsta a bhios a’ cunntadh dhuinn, ach cuideachd mar a ruigeas sinn ceann-ùidh. Bithidh na prionnsapalan againn agus mar a chuirear an gnìomh iad air leth cudromach dhuinn. Dèanaibh cinnteach gun leugh sibh man deidhinn (anns an sgrìobhadh eile).

Aig a’ BhBC bithidh sinn a’ faicinn iomadachd mar neart. Tha dùil gun toir sinn spèis is urram do na h-uile neach aig an obair, agus gum bi sinn taingeil do gach obair a nithear ach am fàs gach aon fo ar cabar.

Mar as fharsainge ar roghainn de luchd-obrach aig a’ BhBC, ’s ann as fheàrr, ge b’ e am bi iad a’ dèanamh susbaint no a’ cur taic ri sin. Leigidh sgioba eadar-mheasgte de luchd-obrach leinn miann aig luchd-èisteachd agus luchd-coimhead a shàsachadh agus an saoghal aca fhèin a chur a riochdachadh gu fìrinneach.

Tha sinn deimhinne gum feum cothroman a bhith fosgailte agus mar sin cuiridh sinn fàilte air tagradh o neach sam bith. Tha sùil is dùil againn a bhith dall do dh’aois, gnè, sliochd, ciurramachd, miann gnè, ìre shòisealta is creideamh. Mas e gum bi sùbailteachd nan uairean-obrach gu feum, cho fad ’s as urrainn an dleastanas a choileanadh, cuiridh sinn taic rithe.  

Bithidh tuilleadh fios air Iomadachd agus Ion-ghabhaltas faodaidh sibh bruthadh an seo

BBC

Apply

This website is using cookies to improve your browsing experience. If you navigate to another page without changing the settings below you consent to this. Read more about cookies.